Aramach 1820: An Dà-cheudamh Ceann-bliadhna

Mura b’ e an coròna-bhìoras, bhithinn fhìn coltach ri iomadh duine eile airson dol gu tachartasan a’ comharrachadh Aramach 1820, agus tadhal air cuid de na h-àitichean faisg orm co-cheangailte ris. Faodaidh sinn, ge-tà, leughadh mu na thachair dà cheud bliadhna air ais. A bharrachd air an eachdraidh ainmeil aig Peter Berresford Ellis agus Seumas Mac a’ Ghobhainn, The Scottish Insurrection of 1820 (1970), thàinig dà leabhar ùr a-mach bho chionn ghoirid: One Week in April: The Scottish Radical Rising of 1820 (2020), le Maggie Craig; agus The Fight for Scottish Democracy: Rebellion and Reform in 1820 (2020), le Murray Armstrong.

B’ e sreath de thachartasan air a’ Ghalltachd a bha seo, mar sin ’s dòcha nach bite an dùil gum biodh cuid no gnothach aige ris na Gàidheil. Tha e doirbh, gun teagamh, mòran a lorg mu dheidhinn ann an Gàidhlig. Cha do thòisich an t-Urr. Tormod MacLeòid air An Teachdaire Gae’lach – a’ chiad iris cheart a bh’ againn sa chànan, a dhèanadh cunntas beachdail air a leithid, ach naoidh bliadhna às a dhèidh ann an 1829.(*)

Gheibhear iomradh goirid mun aramach gu math nas anmoiche ann an eachdraidh Aonghais MhicCoinnich:

GOIRID an déigh do Sheòras IV. tighinn thun na caithreach fhuaradh a mach comhfheall eagalach a bha ga h-ullachadh le buidhinn de dhaoine dàn’ am baile Lunuinn, aig an robh fear Thistlewood ’na cheann-iùil. ’S e bha iad a’ gealltainn doibh féin gu marbhadh iad uile mhinisteirean an rìgh an uiar a bhiodh iad cruinn aig dìnneir ’an àit’ àraidh; gu’n cuireadh iad Lunuinn ri thein’ an caochladh àitibh aig an aon àm, ’s gu’n gabhadh iad féin sealbh air an tighearnas. Ach bhrathadh iad le neach éigin, ’s chaidh an glacadh an dearbh oidhch’ a bha dùil ac’ an t-olc a dheanamh. Chrochadh cuigear dhiubh. Mu’n cuairt do’n àm so dh’éirich buidheann bheag eile, mu leth-cheud ’an àireamh, ’an ceannairc ann an Cill-Saoidh ’an taobh ’s iar Alba. Bha iad armaichte le spealaibh ’s le dagaichibh. Chaidh an sgapadh leis an arm dhearg, ’s naoi deug dhiubh a ghlacadh, dheth’n robh dithis air an crochadh, ’s an còrr air an cur do dhùchaibh céin, mar chiomaich.

Aonghas MacCoinnich, Eachdraidh na h-Alba: Anns a’ Bheil Gearr-iomradh air na Nithibh is Cudthromaich’ a Thachair ’s an Rioghachd, o na Ceud Linnibh, gu Meadhon an Naoidheamh Linn Deug (Glascho [sic]: G. Mac-na-Ceardadh, 1867), td. 446 (mo chuideam).

An seo, tha e a-mach air Co-fheall Shràid Cato, a thachair sa Ghearran 1820, ann an Lunnainn. Às dèidh sin, ann an clò trom, tha tuairisgeul air Blàr Monadh Bhuinne (The Battle of Bonnymuir), faisg air Drochaid Bhuinne agus Sruighlea. Dh’fheuch ri buidheann de bhreabadairean is luchd-obrach ri caismeachd bho Ghlaschu gu obair-iarainn Charrainn far am faigheadh iad barrachd armachd mus coinnicheadh iad ri buidhnean de reubaltaich eile. Bha na breabadairean ainmeil John Baird, à Condorrat, agus Andrew Hardie, à Glaschu, os cionn na buidhne. Bha tòrr dhen fhiosrachadh a fhuair iad ceàrr, air a sgaoileadh le luchd-brathaidh an riaghaltais a bha ag iarraidh reubaltaich a phiobrachadh ’s a mhealladh. Bha eachraidh a’ feitheamh ris na breabadairean agus mus b’ urrainn dhaibh Carrann a ruigsinn bha blàr beag suarach eatarra air Monadh Bhuinne. Chuireadh 19 reubaltaich an grèim. Rachadh Hardie agus Baird a chur gu bàs ann an Sruighlea air 8 Sultain mar cheannardan, agus mòran eile fhògradh gu Astràilia.

Chan eil luaidh ga dèanamh san tuairisgeul seo, ge-tà, air fear eile a chaidh a chur gu bàs mar cheannard san aramach: James Wilson (1760-1820), breabadair eile à Srath Aibhne ann an Siorrachd Lannraig. Air an latha seo fhèin, 5 Giblean, dà cheud bliadhna air ais chaidh Wilson os cionn buidhne bhig eile a chaismich bho Shrath Aibhne a dh’ionnsaigh baile Ghlaschu. Ghiùlain iad bratach mhòr air an robh sgrìobhte ‘Scotland Free or a Desart [sic]’. Ach bha iad cuideachd air am mealladh le fiosrachadh ceàrr bho luchd-brathaidh: bha iad an dùil gun robh iad a’ dol a choinneachadh ri arm Frangach, a chuireadh taic ris na reubaltaich. Cha robh a leithid ann, agus sgaoil iad. Ach ma sgaoil, bha leisgeul gu leòr aig na h-urracha mòra Wilson a chur an grèim. Chaidh a chrochadh agus a dhì-cheannadh ann an Glaschu, air 30 Lùnastal 1820.

Corra phuing san dealachadh. Tha coltas Gallta air mòran dhe na h-ainmean a bha an sàs san aramach am measg nam breabadairean. Ach ma choimheadas sinn nas dlùithe, tha deagh theans gun robh daoine le freumhaichean Gàidhealach agus Gàidheil fhèin an sàs. Tha ‘Mac-an’ a’ nochdadh san liosta de dhaoine a chuireadh a-null thairis mar pheanasachadh, m.e. Thomas McCulloch, Thomas McFarlane, John McMillan, a bharrachd air ainmean eile leithid Allan Murchie. Tha ainmean Gàidhealach gu math pailt cuideachd am measg na feadhainn a chaidh a mharbhadh agus a ghoirteachadh ann an Grianaig, an lùib aimhreit an aghaidh nan ùghdarrasan air 8 Giblean a leig prìosanaich reubaltach ma sgaoil. Mar eisimpleir: John McWhinnie (65), a fhuair bàs; A McKinnon (17), a chuireadh urchair ann; James McGilp (8), a chuireadh urchair ann; Gilbert McArthur (18), a chaidh a ghoirteachadh; Peter Cameron (8), a chaidh a ghoirteachadh; agus msaa. Tha mi a’ beachdachadh air sinnsear dhomh fhìn, Archibald MacAlpin, a bha na chairtear ann an Grianaig ann an 1820. Ciamar a thug na tachartasan seo buaidh air-san? Dè chunnaic agus dè rinn e fhèin?

Rud nach do thachair ach tha inntinneach: chaidh innse do na reubaltaich gu breugach gum faigheadh iad cuideachadh bhon arm Fhrangach. Cò bha gu bhith os cionn nam feachdan seo ach Marasgall Jacques MacDhòmhnaill (1765-1840) – mac Nèill mhic Eachainn, Seumasach à Uibhist a Deas a chuidich am Prionnsa Teàrlach agus a theich don Fhraing. ’S bochd nach robh e fìor!

~~~

(*) Thà gu leòr aig MacLeòid ri ràdh na chuid ‘chòmhraidhean’ is eile mun ghluasad airson còir-bhòtaidh ro Achd 1832, agus mu aimhreit am measg luchd-obrach an fhearainn ann an Sasainn – aimhreitean Swing. Bu chòir dhuinn coimhead air Aramach 1820 mar phàirt de ghluasad gu math na bu mhotha, a’ tarraing air radaigeachd nan 1790an, bliadhnaichean tràtha a’ ghluasaid airson deamocrasaidh an luchd-obrach, agus ro-eachdraidh na Cairteachd (Chartism).  (Faic Sheila M. Kidd, Còmhraidhean nan Cnoc: the Nineteenth-Century Gaelic Prose Dialogue (Scottish Gaelic Texts Society, 2016), tdd 123-132).

Sgrìobh beachd